← previous next →

Deirdìre

A black-and-white painting of a young, sad-looking dark-haired woman.

Chapter Five

V

V

Dh' fhalbh Naois agus Deirdìre, Aillean agus Ardan, chum tilleadh do dh' Albainn. Chaidh brath a suas thun an rìgh gu'n robh a' bhuidheann air an robh e an toir air falbh. Chuir an rìgh an sin fios air Duanan Gacha Draogh, druidhiche bha aige fhèin, agus thuirt e ris mar so: "Is mòr am beairteas a chosd mise riutsa, a Dhuanain Gacha Draogh, a' toirt sgoil agus foghlum agus dìomhaireachd druidhiche duit ged a tha iad siud air falbh uamsa an diugh gun diù, gun dion, gun suim aca domh, gun chothrom agam air cur riu, gun chomas air an tilleadh."

"Ma ta, tillidh mise iad," ors' an druidhiche, "gus an till a' chuideachd a chuir thu air an toir." Agus chuir an druidhiche coille rompa troimh nach b' urrainn do dhuine falbh. Ach ghabh Clann Uisne troimh 'n choill gun tilleadh, gun tearbadh, agus bha Deirdìre air làimh aig Naoise.

"Dè ga math siud, cha dean e foghnadh fathast," orsa Conachar; "iad a falbh gun lubadh air an cas, gun chasadh air an ceum, gun diù aca diomsa, gun mheas ac' orm, agus gun chomas agams' air cur riu agus mi gun chothrom an tilleadh an nochd."
Naoise and Deirdìre, Aillean and Ardan, left to return to Albain. Word went up to the king that the company, of whom he was in search, had gone away. Then the king sent word to Duanan Gacha Draogh, a druid of his own, and he spoke to him thus: "Great is the wealth that I have spent upon thee, Duanan Gacha Draogh, giving thee schooling and learning and the secrets of druidism, though those are gone away from me to-day without choice, without heed, without respect for me, without my ability to check them, without power to turn them."

"Well, I will turn them," said the druid, "till those whom you sent in pursuit return," And the druid placed a wood before them, through which no one could go. But the Children of Uisne went through the wood without turning, without hindrance, and Naoise had Deirdìre by the hand.

"However good that is it will not yet suffice," said Conachar, "they going without the bending of foot, without the turning of step, without heed for me, without respect for me, and I without ability to put against them, or power to turn them back this night."
"Fiachaidh mise dòigh eile daibh," ors' an druidh; agus chuir e fairge ghlas rompa air a' mhachaire ghuirm. Ruisg an triuir blach iad fhein agus cheangail iad an cuid aodaich air chùl an cinn agus chuir Naois Deirdìre na suidhe air bhac a dha shlinnein. "I will try another way with them," said the druid, and he placed a grey sea before them on the green plain. The three brave heroes bared themselves and tied their share of clothing behind their heads, and Naoise placed Deirdìre on the bend of his two shoulders.
a grey rough sea blending in with a green sward.  A dark-haired woman is standing at the edge of it.
Chuir e fairge ghlas rompa air a' mhachaire ghuirm.
"Shìn iad an taobh ri struth,
'S bu cho-ionann leo muir is tìr,
An fhairge mholach ghlas,
Ris a' mhachaire ghorm mhìn."
"They stretched their sides to the stream,
Indifferent to them was sea or land ;
The grey, shaggy sea,
Or the green, smooth machair."
"Ge math siud, a Dhuanain, cha toir e tilleadh air na daoine," orsa Conachar; "gun diù aca diom, gun urram aca domh, agus gun chomas agam air cur riu no an tilleadh an nochd." "Though that is good, Duanan, it does not turn the men," said Conachar, "they without heed for me, without respect for me, and me without ability to hinder them or to turn them back to-night."
"Feuchaidh sinn dòigh eile riu bho nach do chuir siud stad orra," ors' an druidhiche. Agus reòdh an druidhiche an fhairge chorrach ghlas na cnapan carrach cruaidh, géiread lainn air an dara h-oir agus nimhead nathrach air an oir eile dhi. Dh' èubh an sin Ardan gu robh e fhèin a' fàs sgìth agus an anar toirt fairis.

"Thig thus, Ardan, agus suidh air mo ghuala dheis," orsa Naois. Agus thàinig Ardan agus shuidh e air guala Naois. Ach cha robh e fada mar sin an uair a fhuair Ardan bàs ; ach ged a bha e marbh fhèin cha robh Naois ga leigeadh as. Dh' èubh an sin Aillean gu'n robh e fhèin a' fàs fann agus an anar toirt fairis. An uair a chuala Naois an achuinge leig e osna ghoint' a' bhais as, agus dh' iarr e air Aillean greim a dheanamh air agus gu'n toireadh esan gu tìr e. Ach cha robh Aillean fada mar sin an uair a thàinig laigse bhàis air agus dh' fhailnich a ghrèim. Sheall Naois uaith agus an trath chunnaic e gu'n robh a dha bhràthair a ghràdhaich e cho mòr, marbh, bha e coma co dhiù bhiodh e fhèin marbh no beò, agus leig e osna ghoirt a' bhàis agus sgàin a chridhe.
"We will try another way with them since that did not stop them," said the druid. And the druid froze the grey, uneven sea into jagged, hard lumps, the sharpness of swords on one side of them and the venom of serpents on the other. Then Ardan called that he himself was becoming tired and nearly giving up.

"Come thou, Ardan, and sit on my right shoulder," said Naoise. And Ardan came and he sat on the shoulder of Naoise. But he was not long there when Ardan died; but though he was dead, Naoise was not letting him go. Then Aillean called that he himself was becoming tired and nearly giving up. When Naoise heard the confession he heaved the sore sigh of death, and he desired Aillean to hold on to him and that he would bring him to land. But Aillean was not long that way when the weakness of death came upon him, and his hold relaxed. Naoise looked from him, and when he saw that his two brothers whom he loved so greatly were dead, he cared not whether he himself were dead or alive, and he heaved the sore sigh of death, and his heart rent.
"Tha iad siud seachad," orsa Duanan Gacha Draogh ris an rìgh, "agus rinn mise mar a shir thu orm. Tha Clann Uisne nis marbh agus cha chuir iad dragh tuille ort, agus tha aobhar do mhna agus do leannain agadsa slàn, fallain." "Those are now past," said Duanan Gacha Draogh to the king, "and I have done as thou didst seek of me. The Children of Uisne are now dead, and they shall trouble thee no more, while thou hast thy wife-to-be, and thy sweetheart, whole and hale."
A bheannachd sin agadsa agus a' bhuaidh agam fhèin, a Dhuanain. Cha chall leamsa sin na chosd mi riutsa a' toirt sgoil agus ionnsachaidh duit. Tiormaich a nis a' bhailc agus feuch am faic mise Deirdìre,' orsa Conachar. Agus thiormaich Duanan Gacha Draogh a' bhailc agus bha triùir mhac Uisne na 'n laighe còmhla marbh, gun deò, taobh ri taobh air a' mhachaire mhìn ghuirm, agus Deirdìre crom os an cionn a' fras-shileadh nan deur. "The honour of that to thee, and the gain to me, Duanan. I call it no loss all that I spent on thee in giving thee schooling and learning. Dry now the sea, so that I may behold Deirdìre," said Conachar. And Duanan Gacha Draogh dried the sea, and the three Sons of Uisne were lying together dead, without life, side by side on the green, smooth machair, and Deirdìre bending over their corpses heavy-showering the tears.
Chruinnich an sin a' chuideachd cruinn timchioll corp nan laoch, agus dh' fheòraich iad dha 'n rìgh gu dè dhèantadh ris na cuirp. Is e an t-òrdan a thug an rìgh seachad an uair sin sloc a threachailt agus an triùir bhràithrean a chur ann còmhla, taobh ri taobh. Then the people gathered round the corpses of the heroes, and they asked the king what should be done to their bodies. It was the order that the king gave then to dig a pit and to put the three brothers together side by side.
Bha Deirdìre na suidhe air bruaich na h-uagha agus i sior iarraidh air luchd-treachailt na h-uaghach an sloc a chladhach leathann, rèidh. An trath chuireadh corp nam bràithrean anns an uaigh, thuirt Deirdìre: Deirdìre was sitting on the bank of the grave, and she ever asking the people digging the grave to dig the pit broad and smooth. When the bodies of the brothers were laid in the grave Deirdìre said:
"Teann a nall, a Naoise mo ghràidh,
Druideadh Ardan ri Aillean,
Na 'n robh ciall aig mairbh,
Dhèanadh sibhs' aite dhomhsa."
"Move thou hither, 0 Naoise of my love;
Close thou Ardan over to Aillean;
If dead had understanding,
Ye would make place for me.'
An etching of three men being laid in a grave, while a woman holds out her hands over them.
"Teann a nall, a Naoise mo ghràidh."
Rinn iad sin. Leum ise a sìos an sin anns an uaigh agus laigh i ri Naois, agus bha i marbh r' a thaobh. They did this. Then Deirdìre leapt down into the grave, and she lay close to Naoise, and she was dead by his side.
Dh' ordaich an droch rìgh a corp a thogail as an uaigh agus a thiodhlacadh taobh thall an locha. Rinneadh mar a dh' ordaich an rìgh agus dhùineadh an sloc. Chinn an sin gath giubhais as an uaigh aig Deirdìre, agus gath giubhais as an uaigh aig Naois, agus chuir an dà ghath snaim diu os cionn an locha. Dh' orduich an sin an Rìgh an da ghath ghiubhais a ghearradh sìos, agus rinneadh so dà thurus gus an d' thug a' bhean a phòs an rìgh air sgur d' an droch obair agus d' a dhioladh air slighe nam marbh. The wicked king ordered her body to be lifted out of the grave and to be buried on the other side of the loch. It was done as the king commanded, and the grave was closed. Then a young pine branch grew from the grave of Deirdìre; and a young pine branch from the grave of Naoise, and the two branches twined together over the lake. Then the king commanded that the two young pine branches should be cut down, and this was done twice, till the wife whom the king married made him to cease the bad work and his persecution of the way of the dead.
← previous next →